Màiri Mhòr nan Òran Commission
Coimisean Ealain Lèirsinneach
Ged a b’ ann às an Eilean Sgitheanach a bha Màiri Mhòr, bha i a’ fuireach iomadach bliadhna ann an Inbhir Nis agus tha i air a tiodhlacadh ann an cladh faisg air togalach na Culturlainn.
Bha Màiri ainmeil airson nan òran aice mu ana-ceartas agus mar a choitich i adhbhar nan croitearan aig àm Dìonnasg an Fhearainn.Tha na h-òrain aice, a tha saidhbhir ann an iomhaigh is samhladh, a’ cur an aghaidh Fuadach nan Gàidheal gu làidir agus an lèir-sgrios air an dòigh-bheatha Ghàidhealaich, ach tha iad fhathast làn dòchais is gealltanais. Còmhla ri Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, bu mhath leinn comharrachadh iomchaidh a chruthachadh dhi ann an togalach ùr na Cultarlainn againn.
Dh’fhaodadh an obair-ealain seo a bhith ann an riochd peantaidh, brat-grèise, ìomhaigh shnaidhte no cumaidh ealain eile a chomharraicheas na rinn i airson òrain is cultar na Gàidhlig. Thèid an obair ealain ullamh a thaisbeanadh taobh a-staigh an togalaich againn.
Visual Art Commission
Although Màiri Mhòr was from the Isle of Skye, she lived for many years in Inverness and is buried in a graveyard close to the Cultarlann building.
Mairi was famous for her songs about injustice, and her championship of the crofters cause at the time of the Highland Land League. Her songs, rich in image and symbol, speak out strongly against the Highland Clearances and the devastation on the Gaelic way of life, but remain hopeful and optimistic.
Together with the Gaelic Society of Inverness, we wish to create a suitable tribute to her in our new Cultarlann building.
This artwork could be in the form of a painting, tapestry, sculpture or other artform which will celebrate her contribution to Gaelic song and culture. The finished artwork will be displayed within the building.
