Skip to content

Fàilte @ Cultarlann

Gach Diciadain 10:00 – 12:30

Tha an Cultarlann fosgailte gach madainn Diciadain airson srupag, còmhradh agus cothrom co-obrachaidh ann an Gàidhlig. 

‘S e cothrom Gàidhlig a tha seo dhaibhsan a tha ag obair tron chànan agus do dhaoine a tha airson an cuid Gàidhlig a chleachdadh. 

 

image2
Kate Forbes Cultarlann Inbhir Nis.-20

Cofaidh, Ceòl is Cabadaich

Tha na seiseanan Cofaidh, Ceòl is Cabadaich againn air an cuir air dòigh gus coimhearsnachd na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh agus daoine aig a bheil ùidh sa chànan a thoirt còmhla airson ceòl beò, cupa tì no cofaidh, pìos cèic, agus cabadaich.

Tha fàilte ort ionnstramaid a thoirt leat agus pàirt a ghabhail ann an òran no dhà!

Thoir sùil air a’ chlàr nas fhaide sios airson an ath sheisean. 

Taic @ Cultarlann

Gach Diciadain 12:30 – 14:30 bho 22 Giblean

Cothrom taic airson sgoilearan air fòrladh rannsachaidh bhon sgoil.

Gheibhear taic le cànan, èisteachd agus labhairt le luchd-obrach a’ Chultarlann. 

Saor an asgaidh agus fosgailte gu sgoilear sam bu AS4 air adhart.   

image2

CUIR FIOS THUGAINN
failte@cultarlann.scot

HIE_Logo_RGB_Web
Inverness (1) (1)
building_logo_704x243

TADHAL OIRNN
68 Sràid na h-Acadamaidh
Inbhir Nis
IV1 1LP

Chaidh an làrach-lin seo a leasachadh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

ahf_logo_strapline_address

‘S e carthannas Albannach, SC050549, a th’ ann an Cultarlann Inbhir Nis, air a riaghladh le Riaghladair Carthannais na h-Alba (OSCR) | Taigh nan Companaidhean: SC653865 | Poileasaidhean Prìobhaideachd | Poileasaidh Obair Chothromach an Toiseach