Fàilte!
Na tha sinn ag iarraidh
Tha sinne ag iarraidh àite dha na Gàidheil ann an Inbhir Nis!
Àite freagarrach airson ar Cànan is ar Cultar a thoirt Còmhla










Cultarlann… dè th’ ann?
Ar n-amas
Tha sinn ag amas air àite cruinneachaidh airson a h-uile duine aig a bheil ùidh ann an cànan is cultar na Gàidhlig far am bi còmhradh, ionnsachadh agus càirdeas gus a’ Ghàidhlig, a cultar agus a traidiseanan a chomharrachadh agus a neartachadh ann an suidheachadh beothail agus far am bi fàilte air a h-uile duine.


Cò sinne?
’S e companaidh earranta le inbhe catharranais a th’ ann an Cultarlann Inbhir Nis a chaidh a stèidheachadh ann an 2020 leis an amas Ionad Cultarail Gàidhlig a chruthachadh ann an Inbhir Nis. Sheall Sgrùdadh a chaidh a choimiseanadh le Urras Dualchais na h-Alba agus air a stiùireadh leis an Impact Hub ann an 2018, gun robh taic làidir ann airson a leithid de Ionad. An seo, b’ urrainn do mhuinntir an àite, luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-ionnsachaidh, luchd-tadhail agus a h-uile duine aig a bheil ùidh sa chànan agus sa chultar coinneachadh gu sòisealta gus an cànan a chleachdadh ann an raon farsaing de thachartasan chultarail, clasaichean cànain a fhrithealadh, ceanglaichean a neartachadh agus an coimhearsnachd Gàidhlig a thoirt còmhla.
Air a’ Bhòrd-stiùiridh tha Alasdair Forbais, Gwen Bowie, Ailean MacBheatha, Emily NicDhòmhnaill, Daibhidh Boag, Murchadh Caimbeul, Mike Danson agus Mairead Mulholland. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ maoineachadh Oifigear Pròiseict, Ms Susanne NicDhòmhnaill agus Rianaire nam Meadhanan Sòisealta.
Dè as urrainn dhut dhèanamh!
Thig thugainn, thig còmhla rinn gu Cultarlann Inbhis Nis!
Suas togamaid Gàidhealtachd nuadh!
Clàraich gu h-ìosal gus fios fhaighinn mu na tachartasan agus na leasachaidhean as ùire.

Thoir tabhartas
Eisimpleir de Chultarlann eile
Nach leugh thu mu Chultarlann soirbheachail ann an Èireann …

Cuir fios thugainn
Foirm ballrachd
Ma tha ùidh agad a bhith nad bhall brùth air an fhoirm gu h-ìosal airson tuilleadh fiosrachaidh.
Àite far an cluinn sinn Cànan na Gàidheil!
Suas togamaid Gàidhealtachd nuadh
Le eanchainn, braon-gruaidh agus dòirn,
Gàidhealtachd às ‘n dèanar uaill,
Àit’ àrd, uasal aig cànan is ceòl
S biadh beathail aig spiorad is brù
Ri fhaotainn a ghnàth air do bhòrd.
Let us build up a new Highlands
With brain, sweat of cheek and by hand
Highlands of which we can be proud
An exalted noble place for language and music
With life-giving food for spirit and body
Always available on your table

Cuir fios thugainn
CUIR FIOS THUGAINN
failte@cultarlann.scot
‘S e carthannas Albannach, SC050549, a th’ ann an Cultarlann Inbhir Nis, air a riaghladh le Riaghladair Carthannais na h-Alba (OSCR) | Taigh nan Companaidhean: SC653865 | Poileasaidhean Prìobhaideachd